Bana-phrionnsa a' Phoca Phàipeir

Bana-phrionnsa a' Phoca Phàipeir

Paperback

$9.99
Members save with free shipping everyday! 
See details

Overview

Nuair a tha an dràgon as fiadhaiche air an t-saoghal a' briseadh caisteal na Bana-phrionnsa Ealasaid na bhleideagan, a' losgadh a h-uile stiall aodaich a th' aice, agus a' falbh leis a' Phrionnsa Raghnall, a tha i am beachd pòsadh, tha Ealasaid a' gabhail ghnothaichean os làimh. Gun aice ach a tonaisg fhèin, agus gun chàil a chuireas i oirre ach poca pàipeir, tha a' bhana-phrionnsa a' toirt dùbhlan dhan dràgon a chuid neart a shealltainn agus i an dòchas gun sàbhail i am prionnsa. Ach saoil an fhiach e na tha siud de dh'àmhghar? / This is the authorized Scottish Gaelic Translation of The Paper Bag Princess. When the fiercest dragon in the whole world smashes Princess Elizabeth's castle, burns all her clothes, and captures her fiancé, Prince Ronald, Elizabeth takes matters into her own hands. With her wits alone and nothing but a paper bag to wear, the princess challenges the dragon to show his strength in the hopes of saving the prince. But is it worth all that trouble?

Product Details

ISBN-13: 9781988747545
Publisher: Bradan Press Ltd.
Publication date: 09/25/2020
Pages: 32
Product dimensions: 8.50(w) x 8.50(h) x 0.09(d)
Age Range: 4 - 10 Years

About the Author

'S e sgeulaiche a th' ann an Robert Munsch, a bhios a' siubhal air feadh Chanada agus Ameireagaidh. Tha fèill mhòr air na leabhraichean aige, agus tha iad a' còrdadh ri cloinn air feadh an t-saoghail. Tha Robert Munsch a' fuireach cuide ri a theaghlach ann an Guelph, Ontario, ann an Canada. / Robert Munsch is a storyteller whose travels have taken him all over Canada and the USA. His popular books are enjoyed by children all over the world. Robert Munsch lives in Guelph, Ontario, Canada, with his family.

Rugadh Michael Martchenko anns An Fhraing. Ghluais e a Chanada agus cheumnaich e à Colaiste Ealain Ontario. Tha Michael ainmeil air feadh an t-saoghail airson a bhith a' dèanamh nan dealbhannan a th' ann an tòrr de na leabhraichean aig Robert Munsch. / Michael Martchenko was born in France. He moved to Canada and graduated from the Ontario College of Art. Michael is internationally known for the many Robert Munsch titles he has illustrated.

'S ann às Na Hearadh a tha Mòrag Anna NicNèill, ged a tha i a-nis a' fuireach ann am Barraigh. Rinn i Litreachas na Beurla agus Ceiltis ann an Oilthigh Ghlaschu, agus chuir i seachad còrr is 25 bliadhna a' teagasg Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile. Choisinn i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho Chomhairle nan Leabhraichean is Urras Leabhraichean na h-Alba ann an 2015 agus tha i a-nis a' sgrìobhadh làn ùine. Tha ùidh shònraichte aice ann am ficsean chloinne agus tha i air grunn leabhraichean chloinne a sgrìobhadh is eadar-theangachadh, a thuilleadh air bàrdachd, sgeulachdan goirid agus sgriobtaichean dràma. / Mòrag Anna NicNèill (Marion A. MacNeil) is originally from the Isle of Harris, and now lives on the Isle of Barra in the Outer Hebrides of Scotland. Mòrag Anna studied English Literature and Celtic Studies at Glasgow University and she was a Gaelic teacher for 26 years. She received a New Writers Award from the Scottish Book Trust and the Gaelic Books Council in 2015 and now writes full-time.

Customer Reviews